F. W. de Klerk
'S e neach-poileataigs Afraganach agus an Ceann-suidhe geal mu dheireadh ri linn Apartheid ann an Afraga a Deas a tha ann am Frederik Willem de Klerk (Johannesburg, 18 am Màrt 1936–Baile a' Chip, 11 dhen t-Samhain 2021[1]). Bha de Klerk na cheann-suidhe fad còig bliadhna, dìreach an dèidh P. W. Botha.[2] Rèitich de Klerk agus Nelson Mandela na còrdaidhean a chruthaich stàit ùr gun gràin-chinnidh ann an Afraga a Deas is bhuannaich an dithis aca an Duais Nobel airson Sith ann an 1993.[3] 'S e Afrikaans an cànan a fhuair e bho ghlùn, ged a bheil freumhan Khoikhoi, frangach[4] agus Innseachanach[5] aige cuideachd.[6] Bha piuthar-màthar pòsta ri seann phrìomhair na dùthcha, Johannes Gerhardus Strijdom.
Ceanglaichean A-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Naidheachdan 11:02m”, Naidheachdan a' BhBC. 12mh dhen t-Samhain 2021. Air a thogail 14mh dhen t-Samhain 2021.
- ↑ World Presidents
- ↑ Nobel
- ↑ Lugan, Bernard (1996). Ces Français qui ont fait l'Afrique du Sud, Bartillat, ISBN 2-84100-086-9.
- ↑ All Africa
- ↑ South Africa Info
P. W. Botha • F. W. de Klerk • Nelson Mandela • Thabo Mbeki • Kgalema Motlanthe • Jacob Zuma • Cyril Ramaphosa