araon

by Sian

/
  • Streaming + Download

    Includes unlimited streaming via the free Bandcamp app, plus high-quality download in MP3, FLAC and more.
    Purchasable with gift card
    Download available in 16-bit/44.1kHz.

      £9 GBP  or more

     

  • Compact Disc (CD) + Digital Album

    6-panel digifile with photos by Kevin J. Thomson and album artwork by Freya Macleod.

    Includes unlimited streaming of araon via the free Bandcamp app, plus high-quality download in MP3, FLAC and more.
    Download available in 16-bit/44.1kHz.
    ships out within 7 days
    Purchasable with gift card

      £12 GBP or more 

     

  • Record/Vinyl + Digital Album

    12" Gatefold Vinyl LP. Photos by Kevin J. Thomson and album artwork by Freya Macleod.

    Includes unlimited streaming of araon via the free Bandcamp app, plus high-quality download in MP3, FLAC and more.
    Download available in 16-bit/44.1kHz.
    ships out within 7 days
    Purchasable with gift card

      £26 GBP or more 

     

1.
Ceòlan 01:31
2.
Seo a’ bhliadhn’ a dh’fhàg mi dubhach Hiribh ì, hiribh ì, hì ho ro ho, Chaill mi mo bhràthair ’s mo phiuthar Hì horo hì, air fàir a li lò. Chaill mi mo bhràthair ’s mo phiuthar Chan e sin a tha mi cumha. Chan e sin a tha mi cumha Ach òigear òg an òr-fhuilt bhuidhe. Ach òigear òg an òir-fhuilt bhuidhe Bhith ’n ciste chaoil ri taobh a’ bhalla. Bhith ’n ciste chaoil ri taobh a’ bhalla ’S air dha dùnadh ’s ùird ga barradh. Seo a’ bhliadhn’ a dh’fhàg mi dubhach Chaill mi mo bhràthair ’s mo phiuthar.
3.
O hòireannan e horò Hù hòireann ó ’s mi air m’ aineol O hòireannan e horò Gura mise tha gu truagh dheth ’S luath leam a thàinig an t-earrach Mi air m’ aineol fad o m’ chàirdean Cha chluinn mo mhàthair mo ghearan Mi air m’ aineol fad o m’ eòlas Mo ghaol dròbhair a’ chruidh-bhainne Dham bi an crodh-laoigh sa bhuailidh Dham bi an crodh ruadh sna gleannan Ràna tu mi feadh na h-oidhche A dh’fhaighneachd an robh mi fallain Thuirt mi nach robh aona bheud dhomh Ged bha èislean air m’ aire Thug thu leat nighean Lachlann Thàilleir ’S dh’fhàg thu mi fo phràmh aig baile Chaidh thu còmh’ ri Nì ’IlleRiabhaich Le buaile chiatach chrodh ballach Marbhphaisg air fearaibh an t-saoghail Tha iad caochlaideach nan gealladh Ge b’ e taobh a chuireas gaoth iad Ma dh’fhaodas iad gheibh iad leannan
4.
Chì mi ghrian ’s i falbh gu siùbhlach E he ho hi e ho hi dhiù ra bhò Horò hì o hò hì Na hao ri ri rì e ho Hi dhiù ra bhò Chiall ma tha gu dè siod dhuinne Bidh i nochd ann an Gleann Ùige Bidh i ’n athoidhch’ an ceann Loch Sùineart Och mo chreach mo sgòid ’s mo spùilleadh Mo thigh mòr an dèidh a rùsgadh Mo thriùir bhràithrean marbh sa chùl-tigh ’S fuil an cuim ro lèine drùdhadh ’S bha mi fhìn le’m bheul ga sùghadh Gus na thùch air m’ anail cùbhraidh ’S deagh fhear ’n taigh’ na laighe ’san tùnga
5.
Cùm na ghealladh, Na gheall mo leannan dhomh, Cùm na ghealladh, Na gheall e dhomhsa Fàinne den òr a gheall mo leannan dhomh Còta den t-sròl a gheall mo leannan dhomh 'Mhealladh na seòid a gheall mo leannan dhomh 'S e nach gealladh e, gheall mo leannan dhomh Nì nach cumadh e, gheall mo leannan dhomh Chumadh e, ghearradh e, gheall mo leannan dhomh An cuala sibhse cò thug gealladh dhith? Gur e George a thug dhi gealladh ann Gheall e gùn dhen t-sìoda a cheannach dhomh
6.
Fhir a bhàta, 's na hò ro éile, Fhir a bhàta, 's na hò ro éile, Fhir a bhàta, 's na hò ro éile, Mo shoraidh slàn leat gach àite an téid thu. Bha mi raoir anns an t-seòmar uaine, Far an tric am biodh na h-uaislean, Ag òl fìon ann 's gun diar 'ga thruailleadh, 'S fear a bhàta 'ga chuir mu'n cuairt ann. Tha mo chrìdh-sa briste brùite, 'S tric na deòiribh a’ ruith o'm shùilean, An tig thu nochd no'm bi mo dhùil dhuit, Na'n dùin mi'n doras le osna thùrsaich. Tha mo chrìdh-sa tùrsach deurach, Mar eala bhàn bhiodh an déigh a reubadh, 'S i ri tàmh ann a lochan feurlainn, 'S càch gu léir 's iad an déigh a tréigsinn. 'S tha mo ghaol-sa thall air fairge, Fleasgach uallach a’ leadain chamalaich, 'S mór mo dhùil ri thu thighinn a-nall ás, Mar éirigh gréine air madainn shamhraidh. 'S tha mo ghaol-sa taobh thall a’ gheata, Lainnir òir e a-muigh air aitreamh, 'S fheàrr leam fhìn gum beirinn mac dhuit, 'S gun òilte fìon ann an tìm a bhaistidh. 'S tha mo chrìosan a dol an àirdead, chan ann o fhìdhlear no o thàillear ach o stiùireamaich’ a’ bhàta, fear a sgrìobhadh 's a leughadh Gàidhlig.
7.
Adelaide 03:51
Adelaide Thàinig naidheachd Là na Sàbaid Hoireann ùbhill i ò Ag iarraidh oirre dhol thar sàile O hao ri rì o Hoireann ùbhill i ò Bliadhnaichean bho dh’fhàg e ’m baile ’S e nise deiseil bean a ghabhail. Trì cheud air a ceann mar tochair Dh’fhàg i a dh’ionnsaigh beatha shocair. Ach air dhi Adelaide a ruighinn ’S gann gun d’ dh’aithnich i a luran. “Thig cuide riumsa nis gun mhaille, Mus tig an tuil gun fhios, gun aire.” ’S air a’ chapall ghabh iad astar Gus an d’ ruig iad drochaid fhada. Beul na h-oidhche nis a’ teannadh An uair a dh’fhàs a shùilean carach. Ruig e oirr’ mar eilid mharbh ’S shad e i don uisge gharbh. “Nach tu bha faoin, nach tu bha gòrach, A’ toirt do làimh do dhuine coimheach” Gùn na sràcan ’s air a lathadh Dh’fhalaich i an uamh bheag fhalamh. Chuir i ceann ri cluasag charrach Gus an cuala i guthan magach. Dh’fhuirich i na tàmh san uaimh Gus an tug an daorach buaidh Thog i ultach òir na basan Is thug i leatha luaths a casan. Nach e bha faoin, nach e bha gòrach ’S e a-nis gu h-àrd air crann a’ crochadh.
8.
Mo cheist air Pèidse Fir Ròdhaig An t-òganach boidheach smearail È ho libh ò, ro hoireann ò È ho libh ò, hò ro ghealladh Ogha nan tighearnan uasal Gam biodh na cruachan ’s na teanail Rinn mi ’n cadal beag an raoir leat be siud ’n caoibhneas bu mhath leam ’S tric a rinn mi ’n cadal dìomhair Le òigeir nam miogshùl meallach Nist o rinn mo chriosan èirigh Chan urrainn mi fhèin ga theannadh Calpa cruinn an t-siubhail eutrom Cha lùbadh tu feur no gaineamh Traigh chuimir an stocainn bhàinghil Dhìreadh a’ bheinn àrd gun anail Ghabh thu seachad orm Didòmhnaich ’S chuir sin dòltramachd air m’ aire Shaoil mi nach robh thu cho gòrach ’S gun creideadh tu còmhradh balaich Mo cheist air nighean donn na buaile ’S ann leam fhìn nach b’ fhuathach d’ fhaicinn ’S tric a rinn mi ’n cadal sàmhach Leat am bàthach a’ chruidh bhainne Mo làmh fo d’ cheann ’s mi riut sìnte ’S an t’ eil' air do chìochaibh geala Tric a bha mi riut a' sùgradh Anns na geugan dlùtha barraich. Brollach geal mun dig an sìoda Gruaidh mhìn-dearg fo ’n ghlan sealladh? O cha tug ’s cha toir mi fuath dhut Gus am fuaighear mi san anart 'S gun cuir iad sa chiste chaoil mi ’n dèis na saoir a bhith ga barradh. Gus an tèid na saoir gam ghiùlain Gu eaglais nan tùra geala Mo cheist air Pèidse Fir Ròdhaig An t-òganach boidheach smearail
9.
Gun shaoil leam nuair a choinnich sinn ’S tu cèilidh air do chàirdean Gu robh thu eadar dhealaichte Is uasal na do nàdur B’ inntinneach do chonaltradh Am briathran socair càilear ’S bu taitneach a bhi ag èisdeachd riut Gu fonnmhor ’g aithris bàrdachd O hi ò o hi ò O hi ò hug eileadh O hi ò o hi ò Gur fada sinn bho chèile Bha ’n teas ghràdh ghluais ar cridhe Na èiginn is na chiùrradh ’S cha thuig mi gus an là an-diugh Carson nach deach sinn comhla Bha ionndrainn nach gabhadh sàsachadh Gach uair bhiodh sinn bho chèile Cò chreideadh gur e briseadh dùil Bu dheireadh dhan a sgeul seo Carson carson nach robh e ’n dàn Carson nach d' rinn sinn rèite An dìomhaireachd ar freasdal Sin a’ cheisd a bhios gam lèireadh Ach ’s dìomhainn a bhith meòrachadh Gu ar cuibhrionn fhèin gun tèid sinn Oir ’s cinnteach tha gach slighe Air a daigneachadh le seula Bu chruaidh ’s bu ghoirt am falamhachd Nuair dhealaich sinn ri chèile Cha robh e anns na rùintean ’S bha cheairt cho math bhith rèidh ris’ Tha iomadh là is bliadhn’ bho chaidh A’ chaibideil seo a dhùnadh Bho àm gu àm mu mheadhon oidhch’ Gu fosgail i gun duil ri
10.
Smeòrach 03:26
O dhuts’ Cha bhi ann caoineadh O dhuts’ A’ ghrian, bidh i dealradh Oir saoilidh mi ’s mi còmh’ riut G’ eil e rèidh Tha fhios g’ eil e rèidh Is na h-eòin bhinn A’ ceilearadh le tuigse ’s àgh O mo ghaol ort, mo ghaol ort, mo ghaol ort Is bidh gu bràth O dhuts’ Bheirinn cuid mo shaoghail O dhuts’ Cha toir mise fuath Oir saoilidh mi ’s mi còmh’ riut G’ eil e rèidh Tha fhios g’ eil e rèidh Is na h-eòin bhinn A’ ceilearadh le tuigse ’s àgh O mo ghaol ort, mo ghaol ort, mo ghaol ort Is bidh gu bràth
11.
Nuair thèid mi dha mo leabaidh Laighe socair air mo chluasag Tric na mo chadal chì mi sibh Tighinn beò à tìr mo bhruadair Is prìosail tha na mionaidean An ionndrainn dol à cuimhne Is cuideachd aghmhor luchd mo ghràidh Toirt togail 's slàint' do m' inntinn Ach leis an là gach ni mar bha Cò dh'iarradh sùilean fhuasgladh Sibh teiche mar a theicheas sgàil Air ais gu tìr mo bhruadair

credits

released August 1, 2025

Sian – Ceitlin Lilidh, Eilidh Cormack, Ellen MacDonald and Innes White

Produced by Innes Strachan and Innes White
Strings arranged by Charlie Stewart
Engineered and mixed by Iain Hutchison at GloWorm Recording
Mastered by Peter Beckmann, Technologyworks
Photography by Kevin J Thomson
Graphic Design by Freya Macleod

Mòran taing do gach neach a chur ris a’ chlàr seo, le taing shònraichte do dh’Ailean Dòmhnullach, Alison Smith agus Doileag Chontair.

Accordion – Megan MacDonald
Acoustic Guitar, Electric Baritone Guitar, Piano – Innes White
Cello – Alice Allen
Bass Guitar, Double Bass (2, 10) – James Lindsay
Drums – Phil Wilkinson
Fiddle, Double Bass (5, 6) – Charlie Stewart
Synths, Percussion – Innes Strachan
Violin – Megan Henderson
Viola – Patsy Reid
Whistle – Seonaidh MacIntyre

license

all rights reserved

tags

about

Sian Glasgow, UK

Sian, meaning “storm” or “the elements”, have been making their harmonious mark on the Scottish trad music scene since 2016. Originally brought together to celebrate Gaelic songs composed by women, their material is firmly rooted in this theme. Their individual voices blend seamlessly, intertwining atmospheric harmonies and sympathetic accompaniment from Innes White to create a unique sound. ... more

contact / help

Contact Sian

Streaming and
Download help

Redeem code

Report this album or account