Jump to content

Càradal

O Uicipeid
Am mùthadh mar a bha e 06:22, 10 dhen Dàmhair 2022 le InternetArchiveBot (deasbaireachd | mùthaidhean) (Rescuing 1 sources and tagging 0 as dead.) #IABot (v2.0.9.2)
(diofar) ← Mùthadh nas sine | Am mùthadh mu dheireadh (diofar) | Mùthadh nas ùire → (diofar)
Port-mara ann an Càradal

Co-chomharran: 55°35′28″N 5°28′12″W / 55.591°N 5.47°W / 55.591; -5.47

Suidheachadh
Suidheachadh
Càradal
Suidheachadh Càradal ann an Alba

'S e baile ann an Earra-Ghàidheal agus Bòd a tha ann an Càradal (Beurla: Carradale). [1] Tha e na laighe air taobh an ear an leth-eilean Cinn Tìre. Tha e mu 14 mìle air falbh bho Cheann Loch Chille Chiarain. Tha Torr Mòr san àirde a tuath a' bhaile.

Anns an 17mh is 18mh linn bha coimhearsnachdan croitearachd is iasgach cumanta ann an is timcheall air Càradal. Nuair a dh'fhàs bàtaichean-smùide na bu chumanta, dh'atharraich dòigh-beatha ann an Cinn Tìre. Eadar na 1830an agus an Dàrna Cogadh bha na bàtaichean a' stad ann an Càradal air an t-slighe aca bho Cheann Loch Chille Chiarain gu Glaschu. Chaidh a' chiad chidhe a thogail ann an Càradal ann an 1858, nuair a dh'fhàs gnìomhachas sgadain na bu treasa. Nan cois thogadh taighean-òsda cuideachd agus bha sin a' brosnachadh turasachd na sgìre.

Daoine ainmeil

[deasaich | deasaich an tùs]

Iomraidhean

[deasaich | deasaich an tùs]
  1. Ainmean-àite na h-Alba

Ceanglaichean a-mach

[deasaich | deasaich an tùs]
  • Iomraidhean nam mapaichean airson comharradh-clèithe: NR813384