Ceit Fhoirbeis
Ceit Fhoirbeis | |||||||
---|---|---|---|---|---|---|---|
5 dhen Chèitean 2016 - 5 dhen Chèitean 2021 ← Dave Thompson Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach Taghadh: Taghadh Albannach 2016
6 dhen Chèitean 2021 - Sgìre: An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach Taghadh: Taghadh Albannach 2021
18 dhen Chèitean 2021 - | |||||||
Beatha | |||||||
Breith | Inbhir Pheofharain, 6 dhen Ghiblean 1990 | ||||||
Dùthaich | Alba | ||||||
Foghlam | |||||||
Foghlam |
Acadamh Inbhir Pheofharain Selwyn College (en) | ||||||
Cànain |
Beurla Gàidhlig | ||||||
Dreuchd | |||||||
Dreuchd | neach-poileataigs | ||||||
Creideamh | |||||||
Pàrtaidh poileataigeach | Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba |
'S e neach-poileataigs Albannach a tha ann an Ceit Fhoirbeis, BPA (Beurla: Kate Forbes).
Bha i na sgoilear aig Acadamaidh Inbhir Pheofharain agus dh'ionnsaich i eachdraidh aig Oilthigh Chambridge. An dèidh do rinn i ceum maighstireachd air eachdraidh de dh'eilthireachd aig Oilthigh Dhùn Èideann, dh'obair i airson Dave Thompson BPA agus mar chunntasair airson Barclay's.[1]
Chaidh na BPA airson An t-Eilean Sgitheanach, Loch Abar agus Bàideanach ann an 2016 is na Ministear an Ionmhais Phoblaich agus na h-Eaconomaidh Didseataich nuair an do chrath Nicola Sturgeon a caibineit ann an 2018.[2] Ann an 2020 ghabh i òraid a' bhuidseid is i na chiad bhean a rinn sin às dèidh Derek Mackay leig a dhreuchd dheth,[3] agus an-sin chaidh i na Rùnaire Ionmhais.[4] Ghabh Iain MacShuibhne a h-àite nuair a chaidh i air fòrladh màthaireil ann an 2022.[5]
Tagraiche ceannardas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba 2023
[deasaich | deasaich an tùs]Thill i à fòrladh màthaireil agus dh'fhoillsich i gun seas i airson ceannardas Pàrtaidh Nàiseanta na h-Alba agus mar sin prìomh-mhinistearachd na h-Alba an aghaidh Humza Yousaf agus Ash Regan an dèidh do Nicola Sturgeon innis gun leig ise a dreuchd suas.[6] Gidheadh, chaill i taic bho Clare Haughey agus Tom Arthur, am measg chàich, nuair a dh'inns i gun robh i an aghaidh poileasaidhean a' phàrtaidh mu pòsadh aona-ghnèitheach agus atharrachadh gnè.[7]
Bhuannaich i 20,559 bhòt (40.7%) anns a' chiad runnd is 23,890 (47.9%) anns an dàrna runnd, a choisinn Humza Yousaf.[8] Tha i na suidhe air na beingean-cùil an dèidh sin.[9]
Air ais anns an Riaghaltas
[deasaich | deasaich an tùs]An dèidh do Humza Yousaf an ceannardas fhàgail dhearbhaich i nach seasadh i a-rithist ach bhiodh i toilichte a bhith ann an riaghaltas Iain MacShuibhne[10] agus chaidh i na leas-phrìomh-mhinistear na h-Alba.[11]
Seasamh poileataigeach
[deasaich | deasaich an tùs]Ged a tha i air làmh deas a' phàrtaidh, dh'fhoillsich i agus dà BPA eile aithris air eaconamaidh shoirbheis còmhla ris a' bhuidheann-beachdachaidh Common Weal.[12]
Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]- Kate Forbes - làrach-lìn oifigeil (Beurla)
- Pàrlamaid na h-Alba: Kate Forbes - MSPs (Beurla)
- They Work for You: Kate Forbes (Beurla)
- BBC Naidheachdan 2016-06-27: “Call £100m ri linn Brexit” - beachd aig Ceit Fhoirbeis
- BBC Naidheachdan 2016-08-09: Dìon air a' Ghàidhlig ann an reachdas - beachd aig Ceit Fhoirbeis
- BBC Naidheachdan 2018-06-27: Àrdachadh dreuchd dha Ceit Fhoirbheis
- BBC Naidheachdan 2020-02-17: Ceit Fhoirbeis na Rùnaire Iomhais
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Personal Information”. Pàrlamaid na h-Alba. Air a thogail 9mh dhen t-Sultain 2016.
- ↑ “Àrdachadh dreuchd dha Ceit Fhoirbeis”, Naidheachdan a' BhBC. 27mh dhen Ògmhios 2018. Air a thogail 28mh dhen Ògmhios 2018.
- ↑ “Kate Forbes becomes first woman to deliver Scottish budget after Mackay quits”, The National. 6mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 7mh dhen Ghearran 2020.
- ↑ “Ceit Fhoirbeis na Rùnaire Iomhais”, Naidheachdan a' BhBC. 17mh dhen Ghearran 2020. Air a thogail 26mh dhen Ghearran 2020.
- ↑ “Kate Forbes maternity cover”. Riaghaltas na h-Alba. Air a thogail 22mh dhen Ghearran 2023.
- ↑ “Ceit Fhoirbeis a' seasamh airson ceannard an SNP”, Naidheachdan a' BhBC. 20mh dhen Ghearran 2023. Air a thogail 6mh dhen Mhàrt 2023.
- ↑ Brooks, Libby: “Kate Forbes defiant despite backlash over equal marriage views”, The Guardian. 21mh dhen Ghearran 2023. Air a thogail 22mh dhen Ghearran 2023.
- ↑ Carrell, Severin ⁊ Brooks, Libby: “Humza Yousaf elected leader of Scottish National party”, The Guardian. 27mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023.
- ↑ “Caibineat ùr air a thaghadh”, Naidheachdan a' BhBC. 29mh dhen Mhàrt 2023. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023.
- ↑ “Ceit Fhoirbeis air dearbhadh nach seas i 'son ceannas an SNP”, Naidheachdan a' BhBC. 2na dhen Chèitean 2024. Air a thogail 2na dhen Chèitean 2024.
- ↑ “Ceit Fhoirbeis a' faighinn dreuchd an Leas-Phrìomh Mhinisteir”, Naidheachdan a' BhBC. 8mh dhen Chèitean 2024. Air a thogail 8mh dhen Chèitean 2024.
- ↑ Forbes, Kate ⁊ McKee, Ivan ⁊ Thomson, Michelle (17mh dhen Ghiblean 2023): “Giving substance to the wellbeing economy”. Common Weal. Air a thogail 19mh dhen Ghiblean 2023.
Seumas Uallas (7 an Cèitean 1999 gu 23 an t-Ògmhios 2005) • Nicol Stephen (27 an t-Ògmhios 2005 gu 16 an Cèitean 2007) • Nicola Sturgeon (16 an Cèitean 2007 gu 19 an t-Samhain 2014) • Iain MacShuibhne (21 an t-Samhain 2014 gu 29 am Màrt 2023) • Seòna Robasdan (29 am Màrt 2023 gu 9 an Cèitean 2024) • Ceit Fhoirbeis (9 an Cèitean 2024–) |