Anna Maria Lenngren
Anna Maria Lenngren | |
---|---|
Beatha | |
Breith | Uppsala, 18 dhen Ògmhios 1754 |
Dùthaich | An t-Suain |
Àite-fuirich | Stockholm |
Bàs | Klara Church Parish (en) , 8 dhen Mhàrt 1817 |
Àite-adhlacaidh | Klara Church (en) |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (aillse cìche) |
Teaghlach | |
Athair | Magnus Brynolf Malmstedt |
Cèile | Carl Peter Lenngren |
Foghlam | |
Cànain | Suainis |
Dreuchd | |
Dreuchd | bàrd, eadar-theangair, salonnière (en) agus sgrìobhadair |
Ballrachd | Comann Rìoghail nan Saidheansan is Litrichean ann an Göteborg |
B’ e sgrìobhadair às an t-Suain a bh' ann an Anna Maria Lenngren (Uppsala 18 an t-Ògmhios 1754 - Stockholm 8 am Màrt 1817).[1]
Beatha
[deasaich | deasaich an tùs]B' e nighean a’ bhàird Magnus Brynolfsson Malmstedt agus a bhean Märta Johanna Florin a bh' innte. Buineadh Lenngren do theaghlach gu math cùramach creideamhach.[2] Bha a h-athair na bhall an Eaglais Mhorabhianach agus chuireadh a pàrantan na sailm sa chlò. A dh’aindeoin seo, thogadh ise faisg air Oilthigh Uppsala, far an robh a h-athair na ollamh Laidinn, aig àm an t-Soillseachaidh agus fhuair Lenngren beachdan eile mu dheidhinn chreideimh. Chaidh ise agus a bràthair an aghaidh sin. Sgrìobh esan bàrdachd neo-eaglaiseach.
Ann an 1780 phòs i aig Carl Peter Lenngren, a bha na dheasaiche sa Stockholms-Posten, pàipear-naidheachd a bha uabhasach fhèin cudromach aig an àm.[3] Thug na sgrìobh Quintus Horatius Flaccus buaidh làidir oirre agus b' ann air stuth mar sgrìobh esan a thoisich i.[4] Cha do chuir i càil sa chlò fon ainm aice fhèin ach ann an 1778: På mademoiselle Anna Lovisa Pahls saliga hemfärds dag, den 14 Maji 1772, die Corona. B' e rìgh na Suaine fhèin a choimiseanaich i ri a chur Lucile gu Suainis, a' chiad turas a thachair sin. Fhuair i duais agus coimiseanan eile às a dhèidh.
Ghabhadh i ri beachdan ùra fad a beatha. Bha i airson chòirichean do mhnathan, gu h-àraidh ann an saoghal nan leabhraichean agus oilthighean, mar a sgrìobh i ann an Thé-conseillen (1777).[5] Thoisich i ri Voltaire agus Rousseau a leughadh agus thug an leughadh seo buaidh mhòr oirrese. Bheireadh i slaic do shiostam ann clasaichean ann an Pojkarne agus Hans nåds morgonsömn, agus bheachdaicheadh i an aghaidh pribhleidean nan uachdaran. Bha i airson Ar-a-mach na Frainge, los gun atharraicheadh i ana-cheartas san Fhraing.[6]
Bàrdachd
[deasaich | deasaich an tùs]- På mademoiselle Anna Lovisa Pahls saliga hemfärds dag, den 14 Maji 1772, die Corona, Uppsala, 1772
- Tankar vid det nya kyrko årets början 1772, Upsala veckotidningar, Uppsala, 17772
- Klagan vid mademoiselle Anna Maria Bobergs graf den 3 Julii 1774, Uppsala, 1774
- Afton-qväde, Upsala vecko-tidning, 1774
- Vid caffe-pannan
- Vid archi-biskopens . . . Magni Beronii graf, den 13 Ju-lii, 1775, Uppsala, 1775
- Impromptu, Lunds vecko-blad, 1775
- Herrans fruktan, grunden till then bästa vishet, . . . förklarad vid . . . Magni O. Beronii . . . begrafning . . ., Uppsala, 1778
- Thé-conseillen
- Öfver hans Kongl. höghets kronprinsens födelse den 1 november 1778 1778
- Dröm, 1798
- Skaldeförsök, 1819
- Porträtterna
- Grefvinnans besök
- Fröken Juliana
- Hans nåds morgonsömn
- Pojkarne
- Den glada festen
- Några ord till min kära dotter, ifall jag hade någon 1794
- Andra tyger, andra seder!
Rosg
[deasaich | deasaich an tùs]- Hwad Nytt?? Hwad Nytt??, 1774–1777
- Stockholms Posten, 1778–1803, 1809–1810, 1814–1816
- Musikaliskt tidsfördrif, 1789–1791, 1793, 1796–1797, 1801, 1816
- Sommarpromenaden, 1792, 1794–1797, 1801
- Skaldestycken satta i musik, 1795, 1796, 1798, 1800, 1803, 1816
Eadar-theangachadh
[deasaich | deasaich an tùs]- J F Marmontel: Lucile operetta, 1776
- Zemire och Azor, Comedie ballet, 1778
- Publius Ovi-dius Naso, Dido til Eneas, Heroide, 1778
- C-S Favart: Arsene, comedie, 1779
- O Wolff: Snart döden skall det öga sluta, 1819
Ceanglaichean a-muigh
[deasaich | deasaich an tùs]Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Afzelius, Nils; Lenngren, Anna Maria (1954). Anna Maria Lenngren 1754 18/6 1954: katalog över en minnesutställning i Kungliga biblioteket : ett tvåhundraårsminne. Stockholm. Libris 786428
- ↑ Blanck, Anton (1961). Anna Maria Lenngren. Svenska författare, 99-0158538-4, Stockholm: Natur & Kultur. Libris 8072998
- ↑ Silén, Daniela (2007). Rolldiktaren och ironikern Anna Maria Lenngren. Meddelanden från Avdelningen för nordisk litteratur, Nordica, Helsingfors universitet, 1457-182X ; 17. Helsingfors: Nordica, Helsingfors univ. Libris 10591419. ISBN 978-952-10-4066-5
- ↑ Leijonhufvud, Sigrid (1904). Anna Maria Lenngren. Föreningen Heimdals folkskrifter, 99-1250994-3 ; 82. Stockholm: Norstedt. Libris 1555420
- ↑ Riksarkivet
- ↑ Stig Hadenius, Torbjörn Nilsson & Gunnar Åselius (1996). Sveriges historia. Vad varje svensk bör veta, Bonnier. ISBN 9134518576