Cùirtean na h-Alba
Tha uallach air cùirtean earraideach, eucoireach is catharra na h-Alba airson rianachadh a' cheartais. Tha iad air an stèidheachadh agus air an riaghladh le Lagh na h-Alba. Tha rianachadh cùirtean agus mòdan-ceartais na dùthcha fo uallach Seirbheis Cùirtean 's Mòdan-ceartais na h-Alba, a tha 'na roinn neo-mhinistreil aig Riaghaltas na h-Alba is chaidh a chruthachadh leis an Achd Bhritheamhan agus Chùirtean ann an 2008.[1]
Is e Cùirt an t-Seisein a' chùirt chatharra as àirde agus Àrd-chùirt a' Cheartais a' chùirt eucoireach as àirde. Tha siostam speisealta Èisteachd na Cloinne a' dèiligeadh ris a' mhòr-chuid de chasaidean eucoir sa bheil daoine fo 16 bliadhna a dh'aois an sàs.
Is e Cùirt a' Mhorair Lìomhainn a' chùirt earraideach agus bidh Cùirt an Fhearainn a' làimhseachadh cùisean tuathanachais agus croitearachd.[2]
B' àbhaist Cùirt na Stàit-chiste agus Cùirt a' Chabhlaich a bhith ann, ach chan eil a-nis.
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “About the Scottish Courts and Tribunal Service”. Seirbheis Cùirtean agus Mòdan-ceartais na h-Alba. Air a thogail 14mh dhen Ghiblean 2018.
- ↑ “The Scottish Land Court”. Cùirt an Fhearainn. Air a thogail 14mh dhen Ghiblean 2018.