Gavin Maxwell
Gavin Maxwell | |
---|---|
Beatha | |
Breith | An Eilreig, 15 dhen Iuchar 1914 |
Dùthaich | Alba |
Bàs | Inbhir Nis, 7 dhen t-Sultain 1969 |
Nàdar a’ bhàis | adhbharan nàdarra (Aillse) |
Teaghlach | |
Athair | Aymer Edward Maxwell |
Màthair | Mary Percy |
Cèile | Lavinia Lascelles (en) (1 dhen Ghearran 1962 - |
Foghlam | |
Foghlam |
Sgoil Stowe Colaiste Hertford St Cyprian's School (en) |
Cànain | Beurla |
Dreuchd | |
Dreuchd | eòlaiche nàdair, sgrìobhadair agus SOE agent (en) |
Obraichean comharraichte | Ring of Bright Water (en) |
Duaisean a fhuaras | |
Ballrachd |
Comann Rìoghail an Litreachais An Comann Cruinn-eòlais Rìoghail |
B' e sgrìobhadair à dh'Alba a bha ann an Gavin Maxwell.
Rugadh e san Eilreig agus chaidh e do sgoiltean fad is farsaing sa' Bhreatainn. Bha e na oileanach aig Colaiste Hertford, Oilthigh Oxford, agus rèn cogaidh dh'obair e airson an Special Operations Executive. An dèidh don cogadh cheannaich e Sòdhaigh, faisg air an Eilean Sgitheanach, far an do stèidhich e factaraidh.
Ann an 1956 rinn e turas de dh'Iorac a deas còmhla ri Wilfred Thesiger. Thug e leis dòbhran fionnadh mìn (Lutrogale perspicillata) air ais à dh'Iorac agus sgrìobh e Ring of Bright Water (1960) mu dheidhinn. Dh'ainmich e an dòbhran Mijbil. Dh'imrich e do Ghleann Eilg far an do sgrìobh e Lords of the Atlas: Morocco, the rise and fall of the House of Glaoua (1966) an dèidh dha turas Mhorogo a dèanamh. Chaidh an taigh aige na smàl ann an 1968 agus dh'imrich e a-rithist do Eilean Bàn far an do stèidhich e tèarmann dòbhran. Chaochail e an-sin ann an 1969.
Bha e pòsta aig Lavinia Renton eadar 1962 agus 1964.
Dh'ainmicheadh an fo-ghnè (L. perspicillata maxwellii) air Maxwell.[1]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Gavin Maxwell: Biography on Undiscovered Scotland”. Undiscovered Scotland. Air a thogail 15mh dhen Iuchar 2018.