Grand Prix Emilia Romagna
Autodromo Internazionale Enzo e Dino Ferrari (2020–an-diugh) | |
| |
Fiosrachadh rèise | |
---|---|
Àireamh de rèisean air fad | 2 |
Ciad rèis | 2020 |
Buannachaidhean as motha (dràibhearan) |
|
Buannachaidhean as motha (luchd-cruthachaidh) |
|
Fad an t-slighe |
4.909 km (3.050 mi) |
Fad na rèise |
309.049 km (192.034 mi) |
Lapaichean | 63 |
Rèis mu dheireadh (2022) | |
Àite pòla | |
| |
Pòideam | |
1. | |
2. | |
3. | |
Lapa as luaithe | |
|
'S e rèis Foirmle a h-Aon a th' ann an Grand Prix Emilia Romagna (Eadailtis: Gran Premio dell'Emilia Romagna), a bhios a' gabhail àite aig Autodromo Internazionale Enzo e Dino Ferrari, ann am baile Imola. Chaidh Grand Prix na h-Eadailte a chumail aig Imola ann an 1980 agus Grand Prix San Marino bho 1981 gu 2006.
Eachdraidh
[deasaich | deasaich an tùs]2020
[deasaich | deasaich an tùs]Ri linn pandemic COVID-19 ann am 2020, chaidh mòran de na rèisean Foirmle a h-Aon an gluasad no an cuir dheth buileach. Cha robh Grand Prix Emilia Romagna air a' chiad chlàr-ama airson a' bhliadhna idir, ach chaidh a cuir ris a' chlàr-ama gus a lìonadh. Bha cruth ùr air an deireadh-sheachdain, leis an tachartas a' gabhail àite thairis air dà latha, seach trì mar as àbhaist.[1]
2021
[deasaich | deasaich an tùs]Ged nach robhar an dùil ach an rèis a chumail aon thuras, ann am 2020, tha Grand Prix Emilia Romagna a' tilleadh chun a' chlàr-ama ann am 2021, an àite a' Ghrand Prix Shìonach, a chaidh a cuir an dàil.[2]
Ainmean oifigeil
[deasaich | deasaich an tùs]- 2020: Emirates Gran Premio dell'Emilia Romagna[3]
- 2021: Pirelli Gran Premio del Made in Italy e dell'Emilia Romagna[4]
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ “Nurbergring, Portugal and Imola races added to F1 2020 calendar” (Beurla). Sky Sports. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2021.
- ↑ “F1 adds Imola to 2021 calendar, Australian GP moved to November” (Beurla). motorsport.com. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2021.
- ↑ “Formula 1 adds Portimao, Nurburgring and 2-day event in Imola to 2020 race calendar” (Beurla). Formula1.com. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2021.
- ↑ “Pirelli title sponsor del GP a Imola” (Eadailtis). FormulaPassion.it. Air a thogail 5mh dhen Mhàrt 2021.