Donostia
Donostia-San Sebastián
| |||||
Suidheachadh | |||||
Dùthaich | An Spàinn | ||||
Ceàrn | Gipuzkoa | ||||
Sgìre | Dùthaich nam Basgach | ||||
Co-chomharran | 43° 19' 17 Tuath 01° 59′ 08 Ear | ||||
Feartan fiosaigeach | |||||
Farsaingeachd | 60.89 km² | ||||
Àireamh-shluaigh | 185,506 (2010) | ||||
Dlùths | 3,046.58/km² | ||||
Àireamh fòn | + 34 943 | ||||
Duilleag oifigeil | Duilleag Oifigeil |
‘S e baile mòr agus port ann an ceann a tuath na Spàinne a th’ ann Donostia (Basgais) neo San Sebastián (Spàinntis). Tha an t-ainm a’ ciallachadh Naomh Sebastian ann an dà chànain leis gur e Naomh a’ bhaile a th’ann an Naomh Sebastian agus oir bha taigh cràbhach ann dhàsan o shin.[1] Chaidh am baile a stèidheachadh ann an 1180 leis an Rìgh Sancho Sèolta. Tha Donostia suidhichte aig 33m os cionn ìre na mara,[2] ri taobh a' bhàigh La Concha, aig inbhir na h-aibhne Urumea.[3] Tha Donostia 356km air falbh bho Mhadrid, prìomh-bhaile na Spàinne, agus 76km bho Ghasteiz, prìomh-bhaile Dùthaich nam Basgach.[4] Tha 185,506 daoine a’ fuireach ann am Bilbao,[5] an treas baile as motha ann an Dùthaich nam Basgach[6] agus an 34mh baile as motha na Spàinne.[7] A bharrachd air sin, 's e prìomh-bhaile na Roinne Gipuzkoa a th' ann cuideachd.
Cruinn-eòlas
[deasaich | deasaich an tùs]A rèir figearan an Riaghaltais, 's e an Lùnastal a' mhìos as teotha agus 's e am Faoilleach a' mhìos as fhuaire ann an Donostia.[8] Tuitidh 1507mm de dh'uisge air a' bhaile fad na bliadhna - 334mm nas motha na Steòrnabhagh (1173mm) - leis gur e àite caran fliuch a th' ann, fiù's an taca ri Albaː
Daoine Ainmeil
[deasaich | deasaich an tùs]Bailtean Co-cheangailte
[deasaich | deasaich an tùs]- Reno, Na Stàitean Aonaichte
- Wiesbaden, A' Ghearmailt
- Trento, An Eadailt
- Plymouth, Sasainn
- Marugame, An t-Seapan
- Ra´s Būyadūr, Sathara an Iar
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]- ↑ Ortografía de la lengua española. Madrid: Espasa, 1999. ISBN 84-239-9250-0; "Apéndice 3", páginas 133-155.
- ↑ Mongabay
- ↑ Riaghaltas na Spàinne
- ↑ Distance Calculator
- ↑ Cunntas-sluaigh na Spàinne
- ↑ Eustat
- ↑ Bailtean na Cruinne
- ↑ Aemet