Sigmundur Davíð Gunnlaugsson
'S e neach-poileataigs à Innis Tìle a th' ann an Sigmundur Davíð Gunnlaugsson (IPA: sɪɣmʏntʏr ˈtaːvið ˈkʏnlœixˌsɔːn).[1] Rugadh e air 12 am Màrt 1975 ann an Reykjavík. Tha esan a-nis na bhall Miðflokkurinn, fòrsa beag san Alþingi. Chaidh a thaghadh dhan Alþingi airson a' chiad turais ann an 2009. Bha Gunnlaugsson na fhorsætisráðherra (Gàidhlig: Prìomh-mhinistear) eadar 2013 agus 2016 airson Framsóknarflokkurinn (Gàidhlig: Am Pàrtaidh Adhartach), ach b' fheudar dha an dreuchd agus am pàrtaidh fhàgail air sgàth 's gun do nochd ainm anns na Panama Papers, sgàinneal mòr maoineachaidh. Fhuair e a chuid foghlaim aig Menntaskólinn í Reykjavík agus Oilthigh Innis Tìle (Innis-Tìlis: Háskóli Íslands).
Caibineit Ghunnlaugsson
[deasaich | deasaich an tùs]Seo, mar a leanas, liosta nan daoine a ghabh pàirt ann an caibineit fhad 's a bha Gunnlaugsson os cionn an riaghaltais.[2] Tha iad a' buinntinn uile gu Framsóknarflokkurinn agus Sjálfstæðisflokkurinn:
- Sigmundur Davíð Gunnlaugsson: Prìomhaire, Ceartas bho 26.08 gu ruige 04.12.2014
- Bjarni Benediktsson: Ionmhais agus Eaconomaidh
- Ragnheiður Elín Árnadóttir: Gnìomhachas is Malairt
- Hanna Birna Kristjánsdóttir: Rùnaire na Stàite gu ruige 04.12.2014
- Illugi Gunnarsson: Foghlam agus Cultar
- Sigurður Ingi Jóhannsson: Àiteachas is Iasgach agus Àrainneachd is Stòrasan nàdarra gu ruige 31.12.2014
- Gunnar Bragi Sveinsson: Dùthchannan Cèin
- Kristján Þór Júlíusson: Slàinte
- Eygló Harðardóttir: Cùisean Sòisealta agus Taighdeachas
- Ólöf Nordal: Rùnaire na Stàite bho 04.12.2014
- Sigrún Magnúsdóttir: Àrainneachd agus Stòrasan nàdarra bho 31.12.2014
Iomraidhean
[deasaich | deasaich an tùs]Ceanglaichean a-mach
[deasaich | deasaich an tùs]Ro-Theachdair: Jóhanna Sigurðardóttir (2013) |
Forsætisráðherra |
Neach-ionlaid: Sigurður Ingi Jóhannsson (2016) |